Mentoring scheme for emerging Gaelic arts critics

Published: 18 Dec 2019

Gaelic Critics Mentoring Programme

In Gaelic

Sgeama Meantoraidh airson Bhreithnichean ùra Gàidhlig

Ceann-latha airson thagraidhean: 5f, Dihaoine 31 Faoilleach 2020

An-diugh tha Alba Chruthachail a’ sireadh thagraidhean bho luchd-labhairt na Gàidhlig aig a bheil ùidh ann an cùrsa-dreuchd ann am breithneachadh ealain, gus pàirt a ghabhail ann an sgeama meantoraidh ùr.

Bheir Sgeama Meantoraidh Breithnichean na Gàidhlig cothrom do thriùir sgrìobhadairean ùra a tha fileanta sa Ghàidhlig breithneachadh a leasachadh air obair sa Ghàidhlig tarsainn nan ealan, a’ gabhail a-seach litreachas, obair-stèidse agus ceòl. Tha an sgeama ag amas air cur ris an àireamh dhaoine ann an Alba a tha a’ sgrìobhadh breithneachadh sa Ghàidhlig le bhith a’ leasachadh sgilean agus a’ cruthachadh chothroman gus breithneachadh na Gàidhlig a chur air beulaibh fhoillsichearan agus luchd-craolaidh.

Bidh am prògram air a lìbhrigeadh tro mheantoradh saor an-asgaidh bho dhithis eòlaichean – Mark Wringe (Àrd-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, breithniche ealain agus craoladair BBC) agus am breithniche, neach-naidheachd agus bàrd cliùiteach Pàdraig MacAoidh.

Tro sheiseanan pragtaideach le Claire Sawers (neach-naidheachd ealain neo-cheangailte) gheibh an tirùir cuideachd cothrom bun-sgilean sgrìobhaidh airson breithneachadh a lìbhrigeadh, agus comhairle is sealladh air cùrsaichean-dreuchd neo-cheangailte.

Thuirt Alan Bett, Oifigear Litreachais aig Alba Chruthachail: “Tha Alba Chruthachail pròiseil cur an cèill gum bi am prògram ùr seo ann, ag amas air cur ri beartas ghuthan ann am breithneachadh le barrachd ghuthan Gàidhlig. Tha breithneachadh proifeasanta air leth cudromach ann a bhith a’ neartachadh obair-ealain agus ga cur air beulaich luchd-èisteachd. Tron sgeama meantoraidh phearsanta seo, gheibh breithnichean ùra le Gàidhlig sgilean agus cothroman cùraichean-dreuchd a leasachadh, ach am bi barrachd ghuthan a’ toirt beachd air na h-ealain Ghàidhlig ann an Alba.”

Tha bursaraidh beag agus cuibhreann mu choinneamh chosgaisean an lùib a’ phrògraim.

Tha tagraidhean a’ dùnadh aig 5f air Dihaoine 31 Faoilleach 2020

Nòtaichean do luchd-deasachaidh

Gheibhear fios slàn agus comhairle do luchd-tagraidh airson Sgeama Meantoraidh Breithnichean na Gàidhlig aig: https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/gaelic-critics-mentoring-programme

Is e Alba Chruthachail a’ bhuidheann phoblach a tha a’ cumail taic ris na h-ealain, sgrìn is gnìomhachasan cruthachail tarsainn Alba as leth gach duine a tha a’ fuireach, ag obair no a’ tadhal an seo. Bidh sinn a’ cuideachadh dhaoine agus bhuidhnean gus a bhith ag obair anns na h-ealain agus a’ gabhail cothrom orra, tro thaic dhaibhsan a’ leasachadh bheachdan ùra is gan toirt beò. Bidh sinn a’ toirt seachad maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta. Tuilleadh fiosrachaidh aig www.creativescotland.com. Nach lean sibh sinn @creativescots air Twitter agus Instagram, agus aig www.facebook.com/CreativeScotland

Neach-aithne Mheadhanan

Claire Thomson, Oifigear Dhàimhean Poblach is Mheadhanan, Alba Chruthachail

D +44 141 302 1708 +44 7747 606 146

In English

Creative Scotland invites applications from fluent Gaelic speakers interested in developing careers in arts criticism, to join a new mentoring scheme.

The Gaelic Critics Mentoring Programme will offer three aspiring Gaelic-fluent writers the opportunity to respond to work presented in the language across artforms including literature, performance and music. The scheme aims to enrich Scotland’s pool of reviewers and critics working in the Gaelic language by equipping them with the skills, and providing opportunities to pitch work to editors to be commissioned by publications and broadcasters.

The programme will offer free mentorship from experts Mark Wringe (Senior Lecturer at Sabhal Mòr Ostaig, arts critic and BBC broadcaster) and award-winning poet, critic and journalist Pàdraig MacAoidh/Peter Mackay.

In addition, through practical sessions with Claire Sawers (freelance arts journalist) the three mentees will develop key critical writing skills and advice and insight into freelance working practice.

Alan Bett, Literature Officer at Creative Scotland, said: “Creative Scotland is proud to announce this new programme, aimed at enriching Scotland’s pool of arts reviewers working in the Gaelic language. Professional criticism is vital in strengthening the work of artists and introducing it to wider audiences. Through this bespoke mentoring scheme, emergent critics fluent in Scottish Gaelic will be provided with the skills and platform to develop their careers, diversifying the range of voices responding to Gaelic language arts in Scotland.”

The programme includes a small bursary and an expenses allocation.

Applications close at 5pm on Friday 31 January 2020.

Full details and application guidance for the Gaelic Critics Mentoring Programme, can be accessed on the Gaelic Critics Mentoring Programme funding page.

Media Contact

Claire Thomson, Media Relations & PR Officer, Creative Scotland
Oifigear Dhàimhean Poblach is Mheadhanan

D +44 141 302 1708 +44 7747 606 146