Our website uses cookies. See our cookies page for information about them and how you can remove or block them. Click here to opt in to our cookies

Gaelic and Traditional Arts Officers appointed

Published: 02 Feb 2019

Creative Scotland is pleased to confirm the appointment of two new posts dedicated to supporting and developing Gaelic and Traditional Arts across Scotland.

The appointments were announced at a Gaelic Arts Showcase attended by John Swinney, Deputy First Minister and Cabinet Secretary for Education and Skills at Celtic Connections in Glasgow on Saturday 2 February.

David Eyre has been appointed as Gaelic Arts Officer, taking up post on 6 February, and Kirsty MacDonald joined the organisation on 7 January as Traditional Arts Officer.

Both posts will work closely with colleagues within Creative Scotland and the sector to identify opportunities to develop Gaelic and Traditional arts provision across all aspects of what Creative Scotland does.

Mairi Kidd, Interim Head of Literature, Languages & Publishing, Creative Scotland said:

“I warmly welcome David and Kirsty to these important new roles within Creative Scotland. David and Kirsty join us with significant experience and so are brilliantly placed to contribute to our work to the benefit of Gaelic and traditional arts and audiences across Scotland.

“We’re particularly pleased to make this announcement during the 2019 UNESCO International Year of Indigenous Language - an important platform for us to acknowledge and promote the importance of Gaelic, Scots and Traditional Arts within Scotland’s cultural and creative landscape.

“Our Gaelic and traditional artists are ambassadors for Scotland across the globe and a key part of Scotland’s diversity and distinctiveness. Kirsty and David will work to support and develop these artists and their work, now and into the future.”

Notes to Editors

Creative Scotland is the public body that supports the arts, screen and creative industries across all parts of Scotland on behalf of everyone who lives, works or visits here. We enable people and organisations to work in and experience the arts, screen and creative industries in Scotland by helping others to develop great ideas and bring them to life. We distribute funding provided by the Scottish Government and the National Lottery.

For further information about Creative Scotland please visit www.creativescotland.com. Follow us on Twitter @creativescots, Facebook www.facebook.com/CreativeScotland and Instagram www.instagram.com/creativescots.

Media Contact

Sophie Bambrough
Media Relations & PR Officer
Email: sophie.bambrough@creativescotland.com
Tel: +44 (0) 131 523 0016
Mob: +44 (0) 7747 606 146
Switchboard: +44 (0) 330 333 2000

Dreuchdan Ealain Tradiseanta is na Gàidhlig

Tha Alba Chruthachail toilichte cur an cèill gu bheilear air dithis luchd-obrach fhastadh ann an dà dhreuchd ùr a tha a’ toirt taic do leasachadh na Gàidhlig agus nan ealan traidiseanta air feadh Alba.

Chaidh fios a thoirt mu na dreuchdan ùra aig Taisbeanadh Ealain Ghàidhlig far an robh John Swinney, Iar Phrìomh Mhinistear is Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Sgilean an làthair aig Fèis Celtic Connections ann an Glaschu air Disathairne 2 Gearran.

Chaidh Daibhidh Eyre ainmeachadh mar Oifigear Ealain Ghàidhlig. Tòisichidh e san dreuchd air 6 Gearran. Thòisich Curstaidh NicDhòmhnaill na dreuchd mar Oifigear Ealain Traidiseanta air 7 Faoilleach.

Bidh na h-oifigearan ùra ag obair gu dlùth le co-obraichean am broinn Alba Chruthachail agus ann an saoghal nan ealan gus cothroman leasachaidh a nochdadh airson nan ealan Gàidhlig is nan ealan traidiseanta tarsainn nam prògraman-obrach aig Alba Chruthachail air fad.

Thuirt Màiri Kidd, Ceannard eadar-amail Litreachais, Chànanan is Foillseachaidh, Alba Cruthachail:

“Tha mi a’ cur fàilte chridheil air Daibhidh agus Curstaidh anns na dreuchdan cudromach ùra seo am broinn Alba Chruthachail. Tha sàr eòlas aig Daibhidh is aig Curstaidh agus dealas aca le chèile cur ris an obair againn gu maith luchd-ealain is luchd-èisteachd na Gàidhlig is nan ealan traidiseanta air feadh Alba.

“Tha sinn gu sònraichte toilichte seo a chur an cèill aig toiseach 2019, Bliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànanan Dùthchasach aig UNESCO – ùrlar cudromach trom bithear a’ toirt aithne agus brosnachadh don àite cudromach a th’ aig a’ Ghàidhlig, Albais agus na h-Ealain Traidiseanta san t-saoghal chultarach is chruthachail againn ann an Alba.

“Tha ar luchd-ealain traidiseanta is luchd-ealain na Gàidhlig nan tosgairean do dh’Alba tarsainn na cruinne agus mar phàirt cudromach de dh’iomadachd is suaicheantachd Alba. Bidh Curstaidh is Daibhidh ag obair gus taic is cothroman-leasachaidh a thabhann don luchd-ealain seo is an cuid-obrach, an-diugh is airson nam bliadhnaichean a tha romhainn.”

Notaichean do luchd-deasachaidh

Is e Alba Cruthachail a’ bhuidheann phoblach a tha a’ cumail taic ri na h-ealain, sgrion is gnìomhachasan cruthachail air feadh Alba às leth a h-uile duine a tha a’ fuireach, ag obair no a’ tadhal an seo. Bidh sinn a’ cumail taic ri daoine agus buidhnean gu bhith ag obair no a’ gabhail pàirt anns na h-ealain, sgrion is gnìomhachasan cruthachail ann an Alba le bhith a’ cuideachadh dhaoine eile gus smuaintean cruthachail a leasachadh agus a thoirt beò. Bidh sinn a’ toirt seachad maoineachadh bhoRiaghaltas na h-Alba is an Crannchur Nàiseanta. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Alba Chruthachail feuchaibh www.creativescotland.com.  Nach lean sibh sinn @creativescots agus www.facebook.com/CreativeScotland

Media Contact

Sophie Bambrough,
Oifigear Dhàimhean Poblach is Mheadhanan,
Alba Cruthachail.
E: sophie.bambrough@creativescotland.com
T: +44 (0) 131 523 0016
M: +44 (0) 7747 606 146
Switchboard: +44 (0) 330 333 2000