Celebrating Gaelic arts and culture with inaugural Buain gathering

Published: 06 Sep 2023

A’ comharrachadh ealain is cultar na Gàidhlig le cruinneachadh tòiseachaidh Buain

A wooden shack on a beach, called The Listening Chamber by artist Callum Mackinnon Ferguson.

Dealbhan le Calum MacFhionghainn Fearghasdan, Seòmar Èisteachd (2022)

Tha Alba Chruthachail a’ cumail cuirm ùr de na h-ealain Ghàidhlig, Buain, air Dimàirt 12 Sultain aig Acadamaidh Chruthachail WASPS Inbhir Nis bho 9:30 – 16:30.

Tha cruinneachadh nan ealan Gàidhlig a’ toirt àite comharrachaidh do luchd-ealain, luchd-cleachdaidh agus luchd-leasachaidh na Gàidhlig gus bruidhinn mun obair aca a tha a’ dol air adhart air an talamh agus aire a thoirt don roinn air fad.

Thathas a’ toirt cuireadh do luchd-ealain, luchd-leasachaidh, oifigearan agus luchd-obrach neo luchd-obrach neo-cheangailte bho bhuidhnean neo-ealain a tha a’ toirt taic do na h-ealain Ghàidhlig cluinntinn bho thriùir luchd-labhairt thar diofar chuspairean a bheir sealladh sònraichte air a’ bhuaidh aca.  Bidh ùine gu leòr aig an fheadhainn a bhios an làthair airson deasbad, cnuasachadh agus lìonradh a dhèanamh taobh a-staigh a’ mhòr-ionad meadhanach seo agus ceanglaichean a chruthachadh a chumas orra a’ togail coimhearsnachd nan ealan Gàidhlig.

’S i a' chiad neach-labhairt Rona Dhòmhnallach a' bruidhinn air a h-obair mar riochdaire ealain Ghàidhlig do Ghlaschu Beò agus a h-obrach mar neach-ealain leatha fhèin.  Tha i os cionn prìomh ghoireas nan ealan Gàidhlig GUIR!, carragh luachmhor de shaoghal nan ealan Gàidhlig a tha a’ cuideachadh le bhith a’ leasachadh luchd-ealain ùr de gach seòrsa ealain a tha a’ fuireach no ag obair ann an Glaschu.

Bidh Lana Pheutan cuideachd a’ bruidhinn air a cùl-raon mar neach-obrach neo-cheangailte ioma-thaobhach le eòlas mar sgrìobhadair, seinneadair, preasantair, craoladair, cleasaiche agus leasachadh theatar òigridh airson Theatre Gu Leòr.  'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha i bho thùs, agus tha an sgilean iongantach aice ga toirt air feadh na dùthcha le a h-obair fharsaing.

'S i an treas neach-labhairt Anna Mhàrtainn, seinneadair, neach-ciùil agus neach-teagaisg.  Tha a cùrsa-beatha air a toirt air feadh an t-saoghail ach tha i an-còmhnaidh stèidhichte gu daingeann ann an cultar a coimhearsnachd dachaigh ann an Linicro.  Tha an obair aice sònraichte ann a bhith a’ toirt a-steach dualchas, cultar tàbhachdach agus na h-ealain thraidiseanta ann an dòighean ùra agus an-còmhnaidh inntinneach.

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dh’eachdraidh is cruthachalachd na h-Alba.  Tha i a’ toirt buaidh air agus a’ cumadh ar litreachas, ar ceòl, ar n-ealainean, ar film agus TBh, ar fèisean, agus a’ toirt buaidh air gach taobh de ar gnìomhachd chruthachail choitcheann an dà chuid a thaobh dualchas na Gàidhlig, ach cuideachd a thaobh a spionnadh agus a comas san àm ri teachd.

Bho fhèisean leithid Blas, HebCelt agus Celtic Connections; buidhnean mar Fèisean nan Gàidheal agus Fèis Rois; cuirmean de Theatre Gu Leòr; film bho MG ALBA agus FilmG agus dealas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig. Tha Buain a’ cruthachadh àite airson tuilleadh leudachaidh, adhartais agus deasbaid.

Thuirt Oifigear Ealain Ghàidhlig aig Alba Chruthachail, Anna NicGuaire: “Is e Buain a’ chiad tachartas air feadh na roinne anns na h-ealain Ghàidhlig ann an grunn bhliadhnaichean, agus tha Alba Chruthachail toilichte gun urrainn dhuinn seo a dhèanamh comasach.

“’S e latha air leth inntinneach a bhios ann, a’ toirt cothrom inntinneach airson còmhradh agus eòlas a roinn.  Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ coinneachadh agus a’ bruidhinn ris a h-uile duine, agus ri cluinntinn bhon luchd-labhairt air leth againn agus bhon eòlas fa-leth aca.”

Tha an tachartas seo a tha air a stiùireadh leis a’ Ghàidhlig a’ nochdadh dealas Alba Chruthachail a thaobh taic a thoirt don Ghàidhlig, air a mhìneachadh sa Plana Gàidhlig.  Bidh Alba Chruthachail ag obair gus taic a thoirt do luchd-ealain agus buidhnean ealain a tha ag obair ann an, le no mu dheidhinn cànan is cultar na Gàidhlig, àite sam bith ann an Alba thar gach cruth ealain.

An Deireadh

Thàinig taic maoineachaidh Alba Chruthachail do phròiseactan ealanta is cruthachail anns a bheil eileamaidean Gàidhlig cudromach airson 2021/22 gu luach £7.5m thairis air 102 duais (suas 52 bho 2020/21).

Notaichean do Luchd-deasachaidh

’S e Alba Chruthachail a’ bhuidheann phoblach a tha a’ toirt taic dha na gnìomhachasan ealain, sgrìne agus cultarach air feadh gach pàirt de dh’Alba a’ sgaoileadh maoineachadh air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta. Tuilleadh fiosrachaidh aig creativescotland.com. Lean sinn air TwitterFacebook agus Instagram. Ionnsaich tuilleadh mu luach ealain is comas cruthachaidh ann an Alba is thig còmhla rinn aig www.ourcreativevoice.scot

Neach-conaltraidh Mheadhanan

Jacqueline Rothach, Co-òrdanaiche Dàimh Meadhanan & PR
Jacqueline.Munro@creativescotland.com+44 (0) 7967 822 266


Creative Scotland is hosting a brand-new celebration of Gaelic arts, Buain, on Tuesday 12 September at Inverness WASPS Creative Academy from 9.30am to 4.30pm.

The gathering of Gaelic arts presents a celebratory space for Gaelic artists, practitioners and development workers to discuss their work happening on the ground and spotlight the sector as a whole.

Gaelic-speaking artists, development workers, officers and staff or freelancers from non-arts organisations that support Gaelic arts are invited to hear from three speakers across various disciplines who will give an exclusive insight into their impact.  Attendees will have ample time to discuss, reflect and network within this central hub and forge connections that will continue to uplift the Gaelic arts community.

The first speaker is Rona Dhòmhnallach discussing her work as a Gaelic arts producer for Glasgow Life and her practice as an artist in her own right.  She spearheads the Gaelic arts incubator GUIR!, an invaluable pillar of the Gaelic arts scene which helps develop emerging artists of all art forms living or working in Glasgow.

Lana Pheutan will also be speaking on her background as a multi-faceted freelancer with experience as a writer, singer, presenter, broadcaster, actress and youth theatre development for Theatre Gu Leòr. Originally from Skye, her incredible skillset takes her all across the country with her wide-reaching work.

The third speaker is Anne Martin, a singer, musician and tutor.  Her career has taken her across the world but is always firmly rooted in the culture of her home community in Linicro.  Her work is distinctive in encompassing heritage, material culture and traditional arts in new and always-interesting ways.

Gaelic language is an intrinsic part of Scotland’s culture and creativity.  It influences and shapes our literature, our music, our art, our film and TV, our festivals, and all aspects of our collective creative activity both in terms of Gaelic’s heritage, but also in terms of its energy and future potential.

From festivals such as Blas, HebCelt and Celtic Connections; organisations such as Fèisean nan Gàidheal and Fèis Rois; performances of Theatre Gu Leòr; film from MG ALBA and FilmG and the commitment of the National Gaelic Language Plan. Buain is creating space for further expansion, progression and discussion.

Gaelic Arts Officer at Creative Scotland, Anna MacQuarrie, said: “Buain is the first sector-wide event in Gaelic arts in a number of years, and Creative Scotland are pleased to be able to facilitate this.

“It will be a fascinating day, providing an exciting opportunity for conversation and sharing knowledge.  We look forward to meeting and talking to everyone, and hearing from our fantastic speakers and their individual experiences.”

This Gaelic-led event reflects Creative Scotland’s commitment to supporting Gaelic, detailed in the Gaelic Language Plan.  Creative Scotland work to support artists and art organisations who work in, with or about Gaelic language and culture, anywhere in Scotland across all art forms.

Background

Creative Scotland funding support for artistic and creative projects which have significant Gaelic elements for 2021/22 totalled £7.5m across 102 awards (up 52 since 2020/21).

About Creative Scotland

Creative Scotland is the public body that supports the arts, screen and creative industries across all parts of Scotland distributing funding provided by the Scottish Government and The National Lottery. Further information at creativescotland.com. Follow us on Twitter, Facebook and Instagram. Learn more about the value of art and creativity in Scotland and join in at www.ourcreativevoice.scot

Media contacts

Jacqueline Munro, Media Relations & PR Coordinator
Jacqueline.Munro@creativescotland.com+44 (0) 7967 822 266